Prìomh-Dhuilleag
Ro-Ràdh
|
Dè tha ri dhèanamh
|
Artagail taghta
'S e creutair miotasach anns na seann faoin-sgeulachdan Albannach a tha ann an each-uisge (IPA: [ɛxˈɯʃgʲə]). Tha na sgeulachdan mu a dheidhinn cumanta anns na h-Eileanan agus air tìr-mòr na h-Alba cuideachd. Tha ceangal ann le beul-aithris ann an Èirinn far an canar Aughisky ris. Tha e coltach mar each-sìth (Beurla: Kelpie) a tha a' fuireach anns na h-aibhnichean. Tha an t-each-uisge a’ fuireach anns na lochan no anns a’ mhuir agus tha e fada nas cunnartaiche na each-sìth. 'S urrainn don each-uisge an coltas aige atharrachadh, bidh e a’ nochdadh mar fear bòidheach, mar each geal no mar pònaidh. Atharrachaidh an t-each-uisge gu each geal ma bhios luchd-siubhail a’ tighinn gu cladach no bruach loch, uaireannan bidh diollaid agus srianach air. Leis an dòchas gum bi an t-siubhail aige nas fhàsa is nas luaithe leumaidh an luchd-siubhail air muin an eich airson lioft fhaighinn. Bidh e ceart gu leòr, cho fad 's a bhios iad air tìr, ach ma thèid iad faisg air uisge bidh am fear glaodhte gu dròim an eich. Leumaidh an t-each-uisge dhan loch no dhan mhuir agus ithidh e an duine. Aig cothroman eile bidh an t-each-uisge a’ tionndaidh gu bodhaig daonna mar fear bòidheach eireachdail. Ma bhios caileag òg na suidhe faisg air loch tòisichidh e air bruidhinn rithe, cuiridh e a làmhan timcheall oirre agus bidh e ga suirghe gus am bi i a’ tuiteam ann an gaol air. Uaireannan bidh ise a’ gabhail òrain-gaoil dha agus bidh e a’ tuiteam na chadal. An nuair sin bidh ise a’ cniadachadh an fhuilt aige dìreach airson faighinn a-mach gum bi feamainn fhathast ri measg am falt aige. Cuiridh sin eagal a beatha oire agus ma bhios i a’ coimhead air na casan aige cha bhi ann ach crubhan an eich. Nam b’ urrainn dhi èirigh gun a bhith ga dhùsgadh, ruithidh i air falbh cho luath a ghabhas ...leugh an corr |
An robh fhios agaibh?
B' e bàrd Gàidhlig agus pìobaire a bh' ann an Iain Eairdsidh MacAsgaill no Bàrd Bheàrnaraigh (19 Gearran 1898 — 4 Ògmhios 1934). B' ann à Beàrnaraigh na Hearadh a bha e. B' e mac Dhòmhnaill MhicAsgaill agus Anna Mhoireasdan a bh' ann. Bha piuthar aige, Effie. Bha aon bhràthair, Alexander, aige a chaidh ainmeachadh air a chlach-uaighe. Chaidh e do Sgoil Bheàrnaraigh eadar 1903 agus 1912. Ann an 1911, bha e agus a phiuthar Effie a' fuireach còmhla ri pàrantan am màthar, Calum agus Effie Moireasdan aig Croit 3, Borbh. Nuair a dh'fhàg e sgoil, thòisich e ag obair mar chìobair agus chuir e seachad bliadhna ag obair do Chalum MacLeòid aig Sandhill. Liostaig e sna Cameron Highlanders an uair sin. Anns a' Chiad Chogadh, b' e pìobaire a bh' ann agus còmhla ri pìobairean eile sheòl e an rathad a-steach dhan chath aig Loos, an Fhraing san t-Sultain 1915...leugh an corr Duilleagan ùra
|
![]() |
Meta-Wiki Co-òrdanachadh a h-uile proiseact sna Meadhanan "Wiki" |
![]() |
Commons Coitcheann na h-Uicipeid |
![]() |
Wiktionary Faclair is Tasgaidh (Gàidhlig) |
![]() |
Wikibooks Leabhraichean is teacs saor an asgaidh |
![]() |
Wikispecies Treòraiche Gnèithean Bheatha |
![]() |
Wikisource Leabharlann shaor an asgaidh |
![]() |
Wikiquote Cruinneachadh abairtean |
![]() |
Wikinews Naidheachdan |
![]() |
Wikiversity Stuth-ionnsachaidh saor an asgaidh |